Mar a chì mis` e! Aithris air Eachdraidh na h-Alba agus na Gàidhlig
ROIMH-RADH
`S i dùthaich àrsaidh a th`ann an Alba. `S i a` bhratach aice – speur-ghorm air cùlaibh crann gheal – a` bhratach as sìne san Roinn-Eòrpa. `S tric is minig a chìthear an-diugh i, bratach dubh-ghorm fo chrann gheal, ach tha gormachadh eug-samhail ri fhaicinn oirre cuideachd! `S e speur-ghorm an dath cheart - ann an tomhas eachdraidh.

Thug na Goill an t-ainm “Scotland” air an dùthaich, ged `s e Alba a bh`oirre bho thùs, agus tha an dà ainm “Scotland” agus “Alba” air an cleachdadh an-diugh leis an t-sluaigh. `S ann às an ainm “Scotti”, bho Laideann a thàinig an t-ainm “Scotland”. `S iad na Ròmanaich a thug “Scotti” air treubh ann an Ulaidh ann an taobh tuath na h-Eireann. Leudaich an treubh Ghàidhealach seo an rìoghachd aca, Dail Riata, gu taobh iar-dheas na h-Alba, àite air a bheil Earra-Ghàidheil an-diugh.
Ged a tha a` Ghàidhlig a` sìor chrìonadh, tha i fhathast ga bruidhinn ann an iomadh àite ann an Earra-Ghàidheil, nam measg – Ile (30%), Tiriodh agus Lios Mòr. Tha dualchainntean Earra-Ghàidheil car diofraichte an coimeas ris a` Ghàidhlig a thathas ga bruidhinn anns na h-Eileanan an Iar, san Eilean Sgitheanaich no ann an Loch Abair. Tha cùrsaichean ri fhaotainn a bheireas dhuit blas na Gàidhlig Ileach aig Ionad Colm Chille. www.colmcille.net
Co-dhiù no co-dheth, b`iad na Gàidheil, na ciad Albannaich a chuir Rìoghachd na h-Alba air bhonn – rìoghachd a bhiodh air sgaoileadh a-mach gu ìre mhath far a bheil crìochan Alba an latha an-diugh. Thachair seo ann an 843 AD an dèidh dha Choinneach MacAilpein na Cruithnich `s na h-Albannaich a chur an co-chomuinn a chèile. Chaidh “Alba” a thoirt air an rìoghachd agus b`i a` Ghàidhlig cànan nan cùirtean, `s an rianachd agus cànan a bh` aig a` mhòr-shluaigh.
EACHDRAIDH CHEILTE
Bhon a chaidh a stèidheachadh, chan eil Siostam Foghlam na h-Alba air feart a thoirt air dòighean-seallaidh chudthromaich nar n-eachdraidh agus dh`fhaodadh tu ràdh gum bheil e air seallaidhean meallta a thoirt do mhuinntir na h-Alba chun là-an-diugh. Mar a sheinn Runrig san òran aca “Fichead Bliadhna” - “Thug iad ar n-eachdraidh bhuainn.”
Tha seo a` tachairt fhathast, agus air sgàth sin, tha mòran Albannaich nam barail nach robh Gàidhlig ga bruidhinn gu fad is farsaing air feadh na dùthcha agus nach eil i dùthchasach dhaibh IDIR. `S e tàmailt nàiseanta a tha seo.
Ged a tha ceangail làidir aig a` Bheurla Ghallda, no Doric, ris an ear-thuath, bha Gàidhlig ann roimhpa. Mhair Gàidhlig dhùthchasach Siorrachd Obar Dheathain air bilean cuid de dhaoine chun ùine bhig a dh` fhalbh. Chaidh an luchd-labhairt Gàidhlig dhùthchasach na sgìre mu dheireadh air Gàidhealtachd Siorrachd Pheairt a chlàradh anns na 1970an agus tràth anns na h-ochdadan. Bha Gàidhlig ga bruidhinn anns na sgìrean sin mar chànan na coimhearsnachd gus bho chionn ghoirid, dha rèir fhèin.
Mar an ceudna, nas lugha na leth-cheud bliadhna roimhe, bha Gàidhlig fhathast na cànan coimhearsnachd gu ìre ann an àiteannan mar Taobh Loch Laomainn, Calasraid, Ceann Drochaid, Arrochar agus Obair-phuill. (Mìcheal Newton)
Tha e do-chreidsinneach ach, bidh daoine às na sgìrean sin a chaidh ainmeachadh roimhe, fhathast a` cumail a-mach "nach robh Gàidhlig ga bruidhinn an-seo” `s mar sin air adhart. Co-dhiù is ann a dheòin no a dh`aindeoin, chan e seo ach breug gun fìrinn sam bith, agus feumaidh aghaidh a chur air a` chùis seo oir, cha seas a` bhreug ach air leth-chois.
NEART NA GAIDHLIG
`S e adhbhar duilchinn agus bròn gu bheil i cho lag an-diugh, ach`s iongantach gu robh a` Ghàidhlig againn air mhaireann anns na h-àiteannan a dh`ainmich mi roimhe chun
ùine bhig a dh`fhalbh. Tha e a` dearbhadh dè cho mòr ann an dualchas ar dùthcha `s a tha a` Ghàidhlig ann an dà-rìreabh. Nuair a smaoinicheas neach air an cumhachd `s air an neart a chaidh na h-aghaidh , gu h-àraid thairis air an 300 bliadhna a dh`fhalbh, nach i a tha air dol an aghaidh an t-sruth!
A dh`aindeoin fuadach nan Gàidheal bhon 18mh linn gu toiseach an 20mh linn, agus àm an fhògraidh mhòir dèistinnich a bu mhiosa eadar 1830-1870, bha Gàidhlig na cainnt mhàthaireil fhathast aig a` mhòr-shluaigh air Gàidhealtachd an iar-thuath (agus Earra-Ghàidheil) – fiù `s cho fadalach ri 1921. Bha fhathast 71.75% aig an robh Gàidhlig ann an Cataibh ann an 1901, agus eadhon ann an 1921, bha tuilleadh air an leth uiread dhen t-sluaigh aig an robh Gàidhlig ged `s i an siorrachd a bu mhotha a dh`fhuiling aig àm nam fuadaichean.
http://www.scottishhistory.com/articles/highlands/gaelic/gaelic_statistics.html
A-rèir a` chuid as motha de eòlaichean Gàidhlig, b` e Achd an Fhoghlaim 1871 a thug buille-bàis air a` chànain. Chaidh an achd seo an urras gu faigheadh gach pàiste foghlam, ach a-mhàin tron Bheurla chruaidh. Bhiodh clann, air dhaibh tighinn dhan sgoile airson a` chiad uair nam beatha, gun aca ach Gàidhlig, air am peanasachadh gu brùideil airson bruidhinn sa chainnt mhàthaireil aca anns an seòmar-teagaisg no anns an raon-cluiche. `S e an t-amas a chaidh a chur an cèill gu follaiseach, soilleir leis an Riaghailtais bho àm an ath-leasachaidh, "Gàidhlig a spìonadh às fonn na h-Alba gu lèir." Bha seo a` ciallachadh nach b`fhiach labhairt na Gàidhlig airson buannachd phearsanta sam bith, agus gun deigheadh na clann sin a thogail a dhèanamh tàir (air sàilleabh cion-mhisneachd) air an cainnt aca fhèin, agus a-rèiste cha toireadh iad dha an gineal fhèin i.
`S dòcha gum b`e a` Chiad Chogadh am bàs-buille mu dheireadh cia-tà a chaidh a thoirt dhan Ghàidhlig air an tìr-mòr, ged a mhair i ann an cuid de dh`àiteannan na b` fhaide air adhart (mar Eurabol an Cataibh an Ear). Chaill Alba àireamh de dhaoine a bha mì-rèireach ri meud àireamh a sluaigh, agus mì-rèireach ri an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte. B` iad na Gàidheil a bu mhotha a dh`fhuiling taobh a-staigh Alba fhèin gu mì-rèireach ri meud àireamh an t-sluaigh.
An dèidh a` chogaidh, bha Gàidhlig air a leòn gu dubh, `s bhon uair sin, thàinig crìonadh nas aithghearra buileach oirre air mòrthìr na h-Alba. Tha i a-nis air a cuingealachadh gu ìre mhòr mar chànan na coimhearsnachd anns na h-eileanan far costa an iar.
Ann am Beurla faic seo: http://www.geocities.com/steaphris/Eachdraidh.html

0 Comments:
Post a Comment
<< Home