Chan fhaca mi riamh dad cho pronn ri na sgonaichean aice
Seo criomag de sgeulachd a rinn mi....
Caibideil 1
“Chan fhaca mi riamh dad cho pronn ri na sgonaichean-s’ a th’ ac’ air a’ bhòrd thall an-sin!” thuirt Eilidh ri Mòrag ann an guth ìseal, searbh. “ Saoil an do rinn iad o chionn bhliadhn’ ‘ad, ‘s iad air an toirt a-mach às a’ phreas an-diugh fhèin airson an fhèille?”
Rinn i gàire ‘s i gu math toilichte leath’ fhèin ach bha an tè, Ealasaid, a rinn nan dearbh sgonaichean ud na seasamh dìreach air a cùlaibh, agus chaidh a ghonadh gu dubh leis na chuala i oir, bha i air cosg ùine mhòr ag obair a’ fuine aig a’ pheilear sa mhadainn seo. Ghluasaid i nas fhaide air falbh bho Eilidh mun do chuir an tè chruaidh ud umhaill gu robh i ann ‘s gun do chuala i na thuirt i.
Ach, mar bu mhotha a bha Ealasaid a’ smaoineachadh air ‘s ann a bu mhotha a bha i a’ gabhail fearg ri Eilidh thoinnte agus bha i dìreach gu bhith dol a-null thuice ‘s a’ cur meall dhith mu dheidhinn nuair a smaoinich i air dòigh eile a toirt gu seat.
“Seall air na sùilean grànda siar a th’innte,” bha i a’ brundail rithe fhèin mar a bha i a’ coiseachd ga h-ionnsaigh.
Bha Eilidh air gluasad pìos beag gus bruidhinn ri dithis bhoireannaich a bha caran aost’ air an robh i eòlach, ‘s Mòrag fhathast na cois.
Mar a bha Ealasaid a’ dlùthachadh orra, bha i a’ cluinntinn guth Eilidh ‘s i fhathast a’ cur a-mach às a corp mu dheidhinn nan cèicichean uabhasach a bha iad a’ toirt oirre ithe, ach nuair a ruig i iad, stad Eilidh sa bhad.
“Ò, Ealasaid! Tha e cho math gad fhaicinn ann a-sheo. Nach eil e àraid, an fhèille tha seo?” Rinn i gàire meallta rithe.
Nach tus’ a tha lium-leat, smaoinich Ealasaid rithe fhèin, agus thug i sùil gheur oirre.
“A bheil a’ bhèicearachd agam gad chòrdadh,” dh’fhaighich i dhith ‘s làn-fhios aice nach innseadh an tè ghealtach na fìrinn.
“Ò, tà, ach a tha mi buidheach a-nis. Dh’innis Mòrag chòir an-seo gun do rinn thu fhèin a’ chuid as motha dhen fhuine an-diugh. A bheil sin fìor? Nach tu tha àraid!”
Bha aodann Mhòrag air a dhol cho geal ri pàipear ‘s dh’fheuch i ri bristeadh a-steach dhan chòmhradh, ach cha do leig Ealasaid leotha.
“Tà, bha mi an àirde chon nan uillinnean a’s an fhuine moch sa mhadainn an-diugh, ceart gu leòir,”ars’ ise.
Fhuair Mòrag facail innse mu dheireadh thall.
“Ach a-mhàin na sgonaichean thall an-sin, Eilidh. Cha do rinn Ealasaid an fheadhainn ud, cha chreid mi.” Bha i feuchainn ri bacadh a chur air Eilidh an cat a leigeil a-mach às a’ phoca mu na bha i a’ smaoineachadh air na sgonaichean ann an dà-rìridh, ach cha robh Mòrag ro phuingeil idir.
“Nach do rinn?” Bha Eilidh air a dòigh ‘s i a-niste a’ smaoineachadh gu feumadh i sitrich a chur an cluais Ealasaid.
“Leis an fhìrinn innse, Ealasaid. Bha mi an dùil feuchainn air sgon no dhà air a’ bhòrd tha sin, ach dh’fhalbh iad nan criomagan am bois mo làmhan mun d’ thug mi fiù ‘s greim àsta!” Dhlùthaich i a ceann ri aodann Ealasaid a bha air fàs cho dearg ris a’ ghrìosaich. “Cha chreid nach eil iad ùr idir, dh’fhaoidte gu bheil iad sean!”
Ri leantainn......


0 Comments:
Post a Comment
<< Home