Friday, April 01, 2005

A' faireachdainn duilich dhomh fhèin!

Seo beagan mheòrachadh air latha san robh mi fo smalan dhen obair nach robh còrdadh rium idir! Ach feumaidh mi ràdh nach ann mar sin a tha mi a h-uile latha. Mar as trice tha mi ann an sunnd! Air neo, co-dhiù chan eil uiread de mhulad orm!

Latha a bha mi faireachadh duilich dhomh fhèin!

O, a thighearna bhalaich!

An giùlain mi an t-àite seo gu deireadh an ath-sheachdain, no an leig mi dheth i nuair a theirig obair an latha?

Tha mi a' fulang an-dràsta leis cho mì-chàilear is a tha am faireachadh na m' inntinn, agus sgàilean a' chompiùtair fo mo shròin. Tha mo lèirsinn a' sìor dhùbhachadh air sgàth an soillse mì-nàdarra bhon sgàilean a tha drùidheadh mo shùilean, gan losgadh.

Mura chuireas mi mo làmhan air a' mheurchlàr idir, bidh dealbh an sgàilean ag atharrachadh iomadh thuras, mar a ghabhas an t-inneal gnìomhachais às-thairraing, mòr eile ris an canar Am Buidheann an cothrom propaganda a thoirt seachad ann an litrichean mhòra, reamhar nach ghabhas a sheachnadh.

Ochòin a Rìgh! Ma ghèilleas mi fo thruimead mo chrìdhe, an gabh mi ri geallaidhean mealltach na companaidh? Agus ma nì mi sin, tha eagal orm gun tèid mo ghlacadh air a’ chathair seo gu sìorraidh bràth - gun dòchas, gun aoighneas, gun dùbhlan nam bheatha - ach a-mhàin le gu leòr airgead gach seachdain airson mo chumail gun a dhol à mo thonaisg! Sin an t-eagal a th'orm, 's mi tha air a bhith san dreuchd seo fad dà latha!

Chan eil dol às agam cia-tà. Chan eil jobseekers allowance a' dèanamh a' chùis dhòmhsa an-dràsta. Tha màl ri phàigheadh gach mìos, agus biadh ri cheannach, agus cur-seachadan 's spòrs, is faraidhean nam busaichean 's tha a h-uile gin dhiubh riatanach air chor 's gun tèid mo chumail slàn fallainn, nam eanchainn cho math ri na mo chorp.

Mar sin dheth, tha mi a' sgrìobhadh òran. 'S e an aon dòigh na faireachdainnean dorcha, bhrònach a spìonadh às m'eanchainn gu h-iomlain - a bhith coimhead air mo shuidheachadh le gàire seach gruaim. Sin na faireachdainnean a th'agam air sàilleabh moch-èirigh a dh' fheumas dhomh dhèanamh sa mhadainn! Sin na faireachdainnean a th'againn uile air an uair cruaidh ud!

3 Comments:

Blogger Graisg said...

'S math gad leughadh a Bhalaich chòrd e rium gu mòr agus fàilte ort dhan bhlogchruinne. Sgrìobh! Sgrìobh! Sgrìobh! 'S e gàidhlig a dhìth oirnn.

10:03 PM  
Blogger Graisg said...

This comment has been removed by a blog administrator.

10:04 PM  
Blogger mona said...

tha e math blog eile 'sa Ghàidhlig fhaicinn agus 's toigh leam an dòigh sgrìobhaidh agad :)

8:53 PM  

Post a Comment

<< Home