Friday, November 09, 2007

Deuchainn claraidh

video

Sunday, December 17, 2006

Na dèanaibh gàire rium, rinn mi mo dhìcheall!

Seo Soraidh leis an Àit`!


powered by ODEO

Thursday, August 03, 2006

Spliathartaich, pludaraich agus ...splongaideachd.

Nuair a dhùisgeas mi a h-uile madainn, tha mi làn spliug, agus tha mo shùilean air an dàthadh leis an stùr, `s a` phoilean mun timcheall orm.

Bidh seorsa de spriùlleach chruaidh a` leantainn air mo shùilean tron oidhche, agus cha mhòr nach faigh mi air am fosgladh sa mhadainn air sàilleabh sin. Tha an stuth sligeach buidhe seo mar chriomagan à cùl seann arain-frangach.

An dèidh còig mionaidean, `s mi a-niste nam làn fhaireachadh, tòisichidh an streothairtaich, gun sguir. Mairidh sin gus an cuir mi steall den leighis-sròine suas mo chuinnleanan, agus boinne no dhà den leighis-sùla ann an gach sùil.

Tuigidh sibh gu bheil mi air mo lèireadh gu dubh an-dràsta le tinneas an fheòir. Dh`fhàs e na bu mhiosa bho chionn beagan seachdain.

Cia-tà, bha mi a` bruidhinn roimhe ri tidsear de Sheapannais, air an tinneas bliadhnail seo , agus mar a tha mi air mo lèireadh an-seo tuilleadh air `s nas miosa na bha mi ann an Alba. Dh` innis e dhomh gu bheil na h-amannan far am bi daoine a` fulaing a-rèir na h-aimsire agus gu sònraichte a-rèir ràith far am bi gnè àraidh de chraobh fo bhlàth.

A-rèir coltais, `s e an crann-sheudair Seapannaich as motha is adhbhar dhan tinneas eadar a` Chèitean agus an t-Og-mhìos. Bidh poilean nan craobhan-seudair a` sgaoileadh anns an aimsir sin. Chan fhaigh fulaingaichean cuidhteas dheth ach air làithean sileadh an uisge.

Carson, ma-tà, nach eil mi fhèin air cuidhteas fhaighinn dhen tinneas seo, `s sinne seachad air na mìosan sin?"

Monday, July 17, 2006

Mar a chì mis` e! Aithris air Eachdraidh na h-Alba agus na Gàidhlig

ROIMH-RADH

`S i dùthaich àrsaidh a th`ann an Alba. `S i a` bhratach aice – speur-ghorm air cùlaibh crann gheal – a` bhratach as sìne san Roinn-Eòrpa. `S tric is minig a chìthear an-diugh i, bratach dubh-ghorm fo chrann gheal, ach tha gormachadh eug-samhail ri fhaicinn oirre cuideachd! `S e speur-ghorm an dath cheart - ann an tomhas eachdraidh.



Thug na Goill an t-ainm “Scotland” air an dùthaich, ged `s e Alba a bh`oirre bho thùs, agus tha an dà ainm “Scotland” agus “Alba” air an cleachdadh an-diugh leis an t-sluaigh. `S ann às an ainm “Scotti”, bho Laideann a thàinig an t-ainm “Scotland”. `S iad na Ròmanaich a thug “Scotti” air treubh ann an Ulaidh ann an taobh tuath na h-Eireann. Leudaich an treubh Ghàidhealach seo an rìoghachd aca, Dail Riata, gu taobh iar-dheas na h-Alba, àite air a bheil Earra-Ghàidheil an-diugh.

Ged a tha a` Ghàidhlig a` sìor chrìonadh, tha i fhathast ga bruidhinn ann an iomadh àite ann an Earra-Ghàidheil, nam measg – Ile (30%), Tiriodh agus Lios Mòr. Tha dualchainntean Earra-Ghàidheil car diofraichte an coimeas ris a` Ghàidhlig a thathas ga bruidhinn anns na h-Eileanan an Iar, san Eilean Sgitheanaich no ann an Loch Abair. Tha cùrsaichean ri fhaotainn a bheireas dhuit blas na Gàidhlig Ileach aig Ionad Colm Chille. www.colmcille.net

Co-dhiù no co-dheth, b`iad na Gàidheil, na ciad Albannaich a chuir Rìoghachd na h-Alba air bhonn – rìoghachd a bhiodh air sgaoileadh a-mach gu ìre mhath far a bheil crìochan Alba an latha an-diugh. Thachair seo ann an 843 AD an dèidh dha Choinneach MacAilpein na Cruithnich `s na h-Albannaich a chur an co-chomuinn a chèile. Chaidh “Alba” a thoirt air an rìoghachd agus b`i a` Ghàidhlig cànan nan cùirtean, `s an rianachd agus cànan a bh` aig a` mhòr-shluaigh.

EACHDRAIDH CHEILTE

Bhon a chaidh a stèidheachadh, chan eil Siostam Foghlam na h-Alba air feart a thoirt air dòighean-seallaidh chudthromaich nar n-eachdraidh agus dh`fhaodadh tu ràdh gum bheil e air seallaidhean meallta a thoirt do mhuinntir na h-Alba chun là-an-diugh. Mar a sheinn Runrig san òran aca “Fichead Bliadhna” - “Thug iad ar n-eachdraidh bhuainn.”

Tha seo a` tachairt fhathast, agus air sgàth sin, tha mòran Albannaich nam barail nach robh Gàidhlig ga bruidhinn gu fad is farsaing air feadh na dùthcha agus nach eil i dùthchasach dhaibh IDIR. `S e tàmailt nàiseanta a tha seo.

Ged a tha ceangail làidir aig a` Bheurla Ghallda, no Doric, ris an ear-thuath, bha Gàidhlig ann roimhpa. Mhair Gàidhlig dhùthchasach Siorrachd Obar Dheathain air bilean cuid de dhaoine chun ùine bhig a dh` fhalbh. Chaidh an luchd-labhairt Gàidhlig dhùthchasach na sgìre mu dheireadh air Gàidhealtachd Siorrachd Pheairt a chlàradh anns na 1970an agus tràth anns na h-ochdadan. Bha Gàidhlig ga bruidhinn anns na sgìrean sin mar chànan na coimhearsnachd gus bho chionn ghoirid, dha rèir fhèin.

Mar an ceudna, nas lugha na leth-cheud bliadhna roimhe, bha Gàidhlig fhathast na cànan coimhearsnachd gu ìre ann an àiteannan mar Taobh Loch Laomainn, Calasraid, Ceann Drochaid, Arrochar agus Obair-phuill. (Mìcheal Newton)

Tha e do-chreidsinneach ach, bidh daoine às na sgìrean sin a chaidh ainmeachadh roimhe, fhathast a` cumail a-mach "nach robh Gàidhlig ga bruidhinn an-seo” `s mar sin air adhart. Co-dhiù is ann a dheòin no a dh`aindeoin, chan e seo ach breug gun fìrinn sam bith, agus feumaidh aghaidh a chur air a` chùis seo oir, cha seas a` bhreug ach air leth-chois.

NEART NA GAIDHLIG

`S e adhbhar duilchinn agus bròn gu bheil i cho lag an-diugh, ach`s iongantach gu robh a` Ghàidhlig againn air mhaireann anns na h-àiteannan a dh`ainmich mi roimhe chun
ùine bhig a dh`fhalbh. Tha e a` dearbhadh dè cho mòr ann an dualchas ar dùthcha `s a tha a` Ghàidhlig ann an dà-rìreabh. Nuair a smaoinicheas neach air an cumhachd `s air an neart a chaidh na h-aghaidh , gu h-àraid thairis air an 300 bliadhna a dh`fhalbh, nach i a tha air dol an aghaidh an t-sruth!

A dh`aindeoin fuadach nan Gàidheal bhon 18mh linn gu toiseach an 20mh linn, agus àm an fhògraidh mhòir dèistinnich a bu mhiosa eadar 1830-1870, bha Gàidhlig na cainnt mhàthaireil fhathast aig a` mhòr-shluaigh air Gàidhealtachd an iar-thuath (agus Earra-Ghàidheil) – fiù `s cho fadalach ri 1921. Bha fhathast 71.75% aig an robh Gàidhlig ann an Cataibh ann an 1901, agus eadhon ann an 1921, bha tuilleadh air an leth uiread dhen t-sluaigh aig an robh Gàidhlig ged `s i an siorrachd a bu mhotha a dh`fhuiling aig àm nam fuadaichean.

http://www.scottishhistory.com/articles/highlands/gaelic/gaelic_statistics.html

A-rèir a` chuid as motha de eòlaichean Gàidhlig, b` e Achd an Fhoghlaim 1871 a thug buille-bàis air a` chànain. Chaidh an achd seo an urras gu faigheadh gach pàiste foghlam, ach a-mhàin tron Bheurla chruaidh. Bhiodh clann, air dhaibh tighinn dhan sgoile airson a` chiad uair nam beatha, gun aca ach Gàidhlig, air am peanasachadh gu brùideil airson bruidhinn sa chainnt mhàthaireil aca anns an seòmar-teagaisg no anns an raon-cluiche. `S e an t-amas a chaidh a chur an cèill gu follaiseach, soilleir leis an Riaghailtais bho àm an ath-leasachaidh, "Gàidhlig a spìonadh às fonn na h-Alba gu lèir." Bha seo a` ciallachadh nach b`fhiach labhairt na Gàidhlig airson buannachd phearsanta sam bith, agus gun deigheadh na clann sin a thogail a dhèanamh tàir (air sàilleabh cion-mhisneachd) air an cainnt aca fhèin, agus a-rèiste cha toireadh iad dha an gineal fhèin i.

`S dòcha gum b`e a` Chiad Chogadh am bàs-buille mu dheireadh cia-tà a chaidh a thoirt dhan Ghàidhlig air an tìr-mòr, ged a mhair i ann an cuid de dh`àiteannan na b` fhaide air adhart (mar Eurabol an Cataibh an Ear). Chaill Alba àireamh de dhaoine a bha mì-rèireach ri meud àireamh a sluaigh, agus mì-rèireach ri an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte. B` iad na Gàidheil a bu mhotha a dh`fhuiling taobh a-staigh Alba fhèin gu mì-rèireach ri meud àireamh an t-sluaigh.

An dèidh a` chogaidh, bha Gàidhlig air a leòn gu dubh, `s bhon uair sin, thàinig crìonadh nas aithghearra buileach oirre air mòrthìr na h-Alba. Tha i a-nis air a cuingealachadh gu ìre mhòr mar chànan na coimhearsnachd anns na h-eileanan far costa an iar.

Ann am Beurla faic seo: http://www.geocities.com/steaphris/Eachdraidh.html

Tòimhseachain dhuibh!

Dh`ionnsaich mi na tòimhseachain seo le bhith ag èisteachd ri faidhlichean air làrach à Ceap Breatainn. Leig fios thugam mura smaoinicheas tu air do cheann fhèin air, agus cuiridh mi fhìn thugad na fuasglaidhean!

Seo a` chiad fhear air innse le Jimmy Mackay:

Ceithir a` ruith
Ceithir air chrith
Dithis a` coimhead san adhair
Dithis a` dèanadh an rathaid
agus aon fhear ag èigheachd.
Dè th`ann?


Seo an dàrna fhear:

Blàrag a` dol don choillidh
`s a h-aghaidh air an taigh.


Dè th` ann?

*`S e a th` ann am "blàrag" ainm bitheanta airson "bò".


Ma-tà, ma shaoileas tu gum feuch thu orra – nach cuir thu fios thugam?

Friday, May 12, 2006

PROISEACT UR –– Gnàthsan-cainnte na Gàidhlig

Tha “pròiseact” de sheors` air choireigin air m` aire. Gnàthsan-cainnte na Gàidhlig a chur air adhart air an duilleag seo, mar a bhualas iad nam inntinn, fhad `s a tha mi gan ionnsachadh à rosg, bàrdachd, òrain agus faclairean.

Bidh mi ag èisteachd ri Rèidio nan Gàidheal gu math tric, ach tha e maslach mar a bhios nan gnàthsan-cainnte a` dol à cuimhne, agus mòran den luchd-aoigheachd aca (mar mi-fhein) a` cur Gàidhlig air gnàthsan-cainnte na Beurla.

Mar sin dheth, an toisich sinn ma-tà leis an fhacail, “bàs”? `S mòr am beud, ach tha e gu math iomchaidh.
Ann am Beurla, canaidh tu “X is on his/her/its deathbed”, no “at the point of death”.

Dè a` Ghàidhlig a chuireadh tu air sin ma-tà?

Cha robh agamsa ach a bhith a` rùrachann an Dwelly`s agus ann am faclairean eile.

A` chiad fhear air an d` fhuair mi lorg, `s e:
ri uchd bàis” - “at the point of death”

`S e “the breasts” a chanas sinn ri “na h-uchdan” ann am Beurla.
Faodaidh tu ràdh cuideachd “ri beul bàis”, airson “at the point of death (faic: ri seach aig).
Ann an Gàidhlig Siorrachd Pheairt, bhathar a` cantainn “aig roinn a` bhàis”.
Airson “on one`s deathbed” a chur ann an Gàidhlig, tha “ann an cadal a`bhàis” ceart gu leòr.

`S dòcha gun sguir mi leis an obair seo.....tha i gam chur eadar cadal is faireachadh! Cha robh mi an dùil gum biodh e cho blian ri seo! Zzzzzzzz


Dìreach thoir sùil air Faclair Dwelly, Abairtean is faclan à Siorrachd Rois an Iar le Roy Wentworth agus gun teagamh, air Faclair nan Gnàthsan-cainnte air làrach Akerbeltz. Cum a`dol a`toirt sùil orra cho tric `s urrainn dhuit!

Friday, December 30, 2005

NAIDHEACHD DO-CHREIDSINNEACH

Tha criomag de naidheachd air tighinn am bàrr mu dheidhinn rudeigin mì-àbhaisteach a dh`èirich do chroitear (gun ainm) air a` Ghàidhealtachd. Cha bhi e fiù `s a` gabhail brodag-fhàis (growth hormones) sa chumantas (ach a-mhàin aon turas o chionn fhada). Leughaidh sinn mar a thachair dha anns na briathran aige fhèin.

NB: Tha am fear seo gun ainm, oir gheibheadh e magadh uabhasach ann am Bàr a` Chroitear ann an Geàrrloch.

Cìochan a` Chroiteir

Obh, obh! Tha caochladh air tighinn orm agus tha e a` cur rium. Ma dh`innseas na fìrinn, `s e caochladh a tha a` tighinn air bràigh mo cholainn. `S èiginn dhomh aideachadh ach tha mo bhroilleach a` fàs agus chan e gu bheil mi air mo bhruanadh idir!
Tha cìochan bheaga a` fàs agam, agus ged a tha mi nam fhear òg, àrd, caol, tha iad a` stobadh a-mach gu maothach. Cha robh iad ann mar sin roimhe, air neo, cha tug mi feart orra co-dhiù! Obh, obh, bha dà shine agam ceart gu leòr, agus bha iad mòr an coimeas ri sineachan fireannaich eile, ach `s cinnteach leam nach ann air ceann cìochan bheaga a bha iad nan suidhe – gu dèimhinne - cha b`ann!

Saturday, August 20, 2005

Làrach ùr (a' casadaich)

Tha làrach ùr air nochdadh o chionn ghoirid, agus gheibh thu greim air CD ùr ceòl Ghàidhlig ma thèid thu a-steach innte! 'S e "An Ruig Sinn An Latha" a th'air an CD 's e ceòl indie sa Ghàidhlig a tha air! Bhrùth air an tiotal gu h-àrd, no cuir www.rcgaelic.co.uk a-steach chun shealladair agad!

Ceannaich e, ceannaich e!!!! (Tha mi a'guidhe oirbh)